B' e eòlaiche-àiteachais agus neach-poileataigs Nàsach às A' Ghearmailt a bh' ann an Heinrich Luitpold Himmler (IPA: ˈhaɪnʁɪç ˈluːɪtˌpɔlt ˈhɪmlɐ, München, 7 an Dàmhair 1900 - Lüneburg, 23 an Cèitean 1945). Rugadh agus thogadh Himmler ann am München agus bhuinneadh e do theaghlach bùirdeasach Caitligeach - bha athair na neach-teagaisg a dh' oidich am Prionnsa Heinrich às A' Bhaidhearn. Fhuair e a chuid foghlaim aig Oilthigh Teicnigeach Mhünchen. Ghabh e ann am Pàrtaidh Nàsach ann an 1923 agus bha e an sàs ann an Hitlerputsch. B' e Himmler a stèidhich na Schutzstaffel ann an 1925 agus ghabh e os làimh an Gestapo ann an 1934. Stèidhich e Einsatzgruppen agus thog e campaichean-losgaidh. Bha e a-measg nan daoine na bu chumhachaile san Treas Reich an dèidh Adolf Hitler fhèin. Bha e air a ghlacadh le feachdan Breatannach aig deireadh a' Chogaidh ach chuir e às dha fhèin air 7 an Dàmhair 1945.