Gelsenkirchen
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Sgìre | Nordrhein-Westfalen | ||||
Co-chomharran | 51° 30′ 40″ Tuath 7° 6′ 2″ Iar | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 105 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 257.607 (31.12.2012) | ||||
Dlùths | 2.45/km² | ||||
Àireamh fòn | 0209 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.gelsenkirchen.de |
'S e baile-mòr a th' ann an Gelsenkirchen a tha ann am meadhan na Gearmailt.
Tha am baile seo a' buntainn do Mhünster agus tha e suidhichte ann am meadhan Nordrhein-Westfalen. Bha mu thimcheall 25,000 duine a' fuireach anns a' bhaile aig deireadh 2013.
Tha 18 ceàrnan, a tha roinnte ann an còig pàirtean nas motha, ann an Gelsenkirchen:
Herne, Bochum, Essen is ath-phàirtean Recklinghausen: Gladbeck, Dorsten, Marl, Herten
Tha iomadh taigh-dhealbh, taigh-tasgaidh agus leabharlann air feadh a' bhaile. Tha taigh-cluiche ann cuideachd agus 's e "Musiktheater im Revier an t-ainm a th' air.
Tha "Fachhochschule" ann cuideachd.
'S e Emscher an t-ainm a th' air an abhainn a tha a' leantainn tron bhaile a' tighinn on ear is a' leantainn dhan iar. Bha an abhainn uabhasach salach anns na bliadhnaichean sa chaidh oir bha factaraidhean a' bhaile a' leigeil na òtrachais innte airson grunn deichead. Mu thimcheall 20 bliadhna roimhe thòisich buidheann cuideachadh a thoirt dhi airson ath-slànachadh a chosnadh.