Königsberg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Ghearmailt | ||||
Co-chomharran | 54° 43′ Tuath 20° 31′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 279,930 (1925) |
B' e baile eachdraidheil Gearmailteach a bha ann an Königsberg (Laideann: Regimontium Prussorum). B' e Königsberg i. Pr. an t-ainm oifigeil a bha air gus a' bhliadhna 1936, an uair sin Königsberg (Pr) agus eadar 1945 is 1946 Кёнигсберг (Ruiseis) no Karaliaučius (Liotuànais) no Królewiec (Pòlais). An dèidh 1946 dh'atharraich an t-ainm gu Kaliningrad (Gearmailtis) no Калининград (Ruisis). Tha am baile suidhichte faisg air a' Mhuir Bhaltach.
Thogadh Hannah Arendt (1906 - 1975), Neach-teòiridh poileataigeach, feallsanaiche agus sgrìobhadair Gearmailteach-Aimearaganach an seo. Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1255 agus eadar 1457 is 1945 bha e na phrìomh-bhaile dhen Phruis an Ear. B' e teis-mheadhan chultarail is ghnìomhachaidh na sgìre a bha ann an Königsberg. Ann an 1925 bha 279,930 daoine a' fuireach an seo.
Tha Königsberg cliùiteach o chionn 's gun do dh'fhuirich Immanuel Kant, feallsanaiche Gearmailteach, ann fad a bheatha.